Inicio Top Música Bad Bunny Música Cristiana Taylor Swift Ed Sheeran Luis Fonsi Ozuna Daddy Yankee J Balvin Maluma DMCA

Letra de la Canción "Hug Oreann o Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thù" de Margaret Stewart | BooMusica 2025

Varios-artistas

2023 Pop

Varios-artistas

Musica sin copyright para directos

Varios-artistas

Sport Motivation

Varios-artistas

Top Hits Argentina

Artist profile picture

Hug Oreann o Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thù

Margaret Stewart

Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu
'S toigh leam fhìn thu 's tu leam as bòidhche
Blas na meala air do phògan
Bidh mi gad chaoidh 'on a rinn thu seòladh
Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu

'S fhada, 's fhada, 's gur fhad' air falbh thu
Air long righ deòrs' le do chòta dearg ort
'S tric mo shùilean air an fhairge
Flach a faicinn-sa fear do dhealbha
Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu

'S fhada, 's fhada, gur fhad' a-muigh thu
Gun fhios a ghaoil nach e 'n cuan a shluig thu
Gur e 'n gaol le chèile thug sinn
A dh'fhàg ad dheidh mi cho deurach duilich
Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu

Bha mi'n raoir ann am bruadar cadail
'S chunna mis' thu air bruaich mo leapa
'S nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn
Muir mhór nan tonn 's e gu trom cuir eadrainn
Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu

Their iad riumsa gu robh thu gòrach
'S gum biodh tu tric anns na taighean-òsda
Nach robh stocainn is nach robh bròg ort
'S ciamar 'ghaoil, dh'fhaodainn do phòsadh
Hug oreann o ro, gur toigh leam fhìn thu

'S truagh nach robh mi nam eun beag aotrom
Mar an uiseag neo mar an fhaoilinn
'S mi gam shìobadh air feadh nan gaoithtean
Gus a ruiginn far a bheil mo ghaol-sa